Bha riaghailtean cruaidh anns na sgoiltean ann an linn Bhictòria. Faigh a-mach dè bhiodh tu air ionnsachadh anns 'an t-seòmar-sgoile'.

Clann ann an linn Bhictòria
Aig toiseach linn Bhictòria, bhiodh a' chuid as motha de chlann ag obair làithean fada airson an teaghlach aca a chuideachadh.
Cha robh an sgoil an-asgaidh agus mar bu trice, cha b' urrainn clann a chur dhan sgoil ach teaghlaichean beairteach.
Bhiodh cuid de chlann bheairteach gan ionnsachadh aig an taigh le ban-oide.
Seach nach robh sgoil ann dhan deigheadh iad, bhiodh mòran chloinne a-muigh air na sràidean. Bhiodh cuid dhiubh gan cur dhan phrìosan airson a bhith ri beigeireachd no mì-mhodh.
Chaidh Sgoiltean 'Robach' a stèidheachadh ann an 1844 do chlann a bh' ann am bochdainn uabhasach. Bha na sgoiltean sin a' toirt dhaibh leasain an-asgaidh agus biadh gach latha.
Ann an 1872 thug Achd an Fhoghlaim (Alba) a-steach lagh a thuirt gum feumadh clann eadar 5 agus 13 bliadhna a dhol dhan sgoil.


San sgoil
B' e dominie am facal Albannach airson tidsear fireann. Bhiodh dominie a' teagasg nam balach agus a' chlann bu shine. B' e ban-sgoilearan a chanadh iad ri tidsearan boireann. Bhiodh iadsan a' teagasg nan nigheanan agus a' chlann a b' òige.
B' e 'seòmar-sgoile' a bh' aca air clasrum. Bha na deasgaichean ceangailte ris an làr le boltaichean ann an sreathan a' coimhead ris an aghaidh.
Bha uinneagan àrda a' cur stad air sgoilearan bho bhith a' coimhead a-mach. 'S ann ainneamh a bhiodh postairean no dealbh sam bith air na ballachan.
Cha robh solas dealain ann. B' e lampaichean gas a bh' aca. Rinn iad sin na rumannan gruamach agus cha robh an èadhar math.
Bha cus chloinne anns na clasaichean. Uaireannan, bhiodh còrr is 100 sgoilear ag èisteachd ris an tidsear agus a' copaigeadh na bha sgrìobhte air a' bhòrd-dhubh.
Bhiodh sgoilearan a' sgrìobhadh air sglèat le cailc. Bha iad sin nas saoire na pàipear agus ghabhadh an cleachdadh a-rithist.
Ag ionnsachadh do leasain
B' e leughadh, sgrìobhadh agus aritmeataig (matamataig) ris an cante na 'trì Rs' na leasain a bu chudromaiche.
Bha na leasain gan ionnsachadh le bhith a' leughadh agus a' copaigeadh sheantansan bhon bhòrd-dhubh aig an tidsear, no le bhith ag aithris rudan gus an robh iad ceart.
Cha robh obair buidhne ann idir no cothrom ceistean fhaighneachd.
Bhiodh na leasain Cleasachd anns an raon-chluiche agus b' e drile a chante ris.
• An dèidh lòn, bhiodh na balaich ag ionnsachadh obair-fhiodha agus sgilean eile. Bhiodh na nigheanan ag ionnsachadh còcaireachd, agus sgilean obair-taighe mar nigheadaireachd.
Image caption, Seo mar a bhiodh clasrum air a chur air dòigh le deasgaichean ann an sreathan a' coimhead ris an aghaidh.
1 of 6
Peanasachadh
Bha na sgoiltean ann an linn Bhictòria uabhasach cruaidh. Nan dèanadh tu rudeigin ceàrr, dheidheadh do pheanasachadh.
Mura biodh d' aire air d' obair, dh'fheumadh tu ceap an ùmpaidh a chur ort agus suidhe san oisean
'S dòcha gum biodh agad ri loidhnichean a dhèanamh. Bha sin a' ciallachadh gum feumadh tu an aon seantans a sgrìobhadh a-rithist agus a-rithist gun mhearachd, 's dòcha ceud turas
Nam biodh tu uabhasach mì-fhortanach, 's dòcha gum faigheadh tu sràcadh. Bha sin a' ciallachadh gun deidheadh do bhualadh air cùl do chasan no air do làmhan le slat fhiodha.
More on Bhictòrianaich
Find out more by working through a topic
- count17 of 18
- count1 of 18
- count2 of 18