Chaidh mòran ghnìomhachasan ùra a stèidheachadh ann an Alba ann an linn Bhictòria. Faigh a-mach cò ris a bha na gnìomhachasan sin coltach dha na fir, na boireannaich agus dhan chloinn.
Faigh a-mach mu shuidheachadh obrach ann an factaraidh diut ann an Dun Dè ann an linn Bhictòria.
Bho thuathanasan gu factaraidhean
Ann an linn Bhictòria, bha Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais ann an Alba.
Bha bailteachadh a' ciallachadh gun do ghluais mòran dhaoine bhon dùthaich dha na bailtean airson obair anns na muilnean, na factaraidhean no na gàrraidhean-iarainn.
Bha a' mhòr-chuid de theaghlaichean bochd agus dh'fheumadh iad clann a chur a dh'obair nuair a bha iad 5 – bha làmhan beaga feumail airson innealan a ghlanadh!
Cha robh daoine air am pàigheadh ma bha iad tinn, no a' faighinn taic ma bha tubaist no galar aca – dheigheadh dìreach cuideigin na d' àite.
Ron Achd Factaraidh 10 uairean ann an 1847, dh'fhaodadh tu obrachadh suas ri 19 uairean san latha.
Bha obair cunnartach, agus ag adhbhrachadh ghalaran mar fiabhras muilne - ann an 1863 b' e 33 an dùil-aoise a bh' aig fireannach.


Dun Dè - Diutopolis
Bha an lus diut ga thoirt a-steach dhan rìoghachd às na h-Innseachan. Bha innealan ùra ga dhèanamh na shnàithlean làidir airson pocannan agus bagaichean.
Bha Dùn Dè mar-thà air leth freagarrach airson gnìomhachas ùr mar seo oir bha muilnean aodaich, gàrraideah-bhàtaichean agus gnìomhachas mhucan-mara ann a bha a' dèanamh ola muic-mhara a bha air a' chleachdadh airson snàithlein gharbh an diut a dhèanamh bog.
Dh'fhàs daoine measail air diut air feadh an t-saoghail, agus b' ann an Dùn Dè a bha a h-uile sgath dheth air a dhèanamh!
Dh'fhas na daoine a bha a' ruith nam muilnean – ris an cante Barain an Diut – uabhasach beairteach, ach bha an luchd-obrach aca bochd agus le pàigheadh truagh.
Mu dheireadh, stèidhich luchd nam muilnean factaraidhean anns na h-Innseachan oir bha barrachd prothaid ann an diut a dhèanamh far an robh e a' fàs. Chuir seo crìoch air na muilnean diut ann an Dùn Dè.

Image caption, 'S e seann mhuileann diut a tha anns na Verdant Works ann an Dùn Dè agus tha e a-nis na thaigh-tasgaidh. Gheibh thu a-mach mun ghnìomhachas agus chì thu na h-innealan a bha air an cleachdadh ann an linn Bhictòria.
1 of 3

'Baile nam Boireannach'
B' àbhaist gur e boireannaich a bhiodh ri obair-fighte agus b' e boireannaich a bh' ann an 70% de luchd-obrach an diut.
Cuideachd, b' fheàrr le Barain an Diut boireannaich agus clann fhastadh oir chan fheumadh iad uiread a phàigheadh dhaibh.
Chanadh iad 'kettle bilers' ri fir a bha gun obair oir dh'fheumadh iad fuireach aig an taigh a' còimhead às dèidh leanaban agus a' dèanamh biadh.
Bha e uabhasach mì-chàilear a bhith ag obair anns na muilnean diut – bhiodh an 'stùr' (sgòthan dust) a' dol na do shùilean na do bheul agus na do shròin agus bhiodh fuaim mòr nan innealan a' dèanamh dhaoine bodhar.
Bhiodh an luchd-obrach a' dèanamh comharran làimhe agus òrain, airson conaltradh ri chèile.
More on Bhictòrianaich
Find out more by working through a topic
- count1 of 18
- count2 of 18
- count3 of 18