Bha beatha na dachaigh cofhurtail do theaghlaichean beairteach ann an linn Bhictòria. Bha daoine nach robh beairteach glè thric a' fuireach ann an suidheachadh gu math dùmhail agus doirbh. Faigh a-mach cò ris a bha beatha na dachaigh dha-rìribh coltach ann an linn Bhictòria.
Faigh a-mach mu bheatha agus obair ann an taigh-baile teaghlach beairteach ann an linn Bhictòria.
Ann an linn Bhictòria, ghluais mòran Albannaich bhon dùthaich dha na bailtean agus na bailtean mòra. Thàinig mòran in-imrichean à Èirinn, às an Eadailt agus à taobh an ear na Roinn Eòrpa.
Chaidh an àireamh-sluaigh ann am bailtean Alba suas gu luath le daoine a' tighinn a lorg obair ann am factaraidhean agus anns na gnìomhachasan ùra. Bha feum aig a h-uile duine air àite-fuirich.
Chaidh teanamaintean a thogail anns na bailtean mar dhachaighean do mhòran dhaoine ann an sgìre bheag. B' urrainn daoine a dh'fhàs beairteach air sgàth nan gnìomhachasan ùra fuireach ann an taighean-baile ùra, ann am barraidean no ann an taighean mòra air iomall bhailtean, air falbh bho na meadhan bhailtean anns an robh dùmhail mhòr sluaigh.
Tha mòran dhe na togalaichean sin ann fhathast an-diugh – chan eil fhios nach eil thu a' fuireach ann am fear!
Taighean barraideach agus taighean-baile
- Glè thric, bhiodh teaghlaichean nas beairtiche dhen mheadhan-chlas a' fuireach ann an taighean-baile.
- Bhiodh uisge tap aca agus bhiodh an sgudal aca ga thoirt air falbh.
- Cha robh teasachadh meadhain ann. Bhiodh teine guail anns a h-uile rùm airson an taigh a chumail blàth.
- Bhiodh searbhantan a' dèanamh an obair-taighe. Bhiodh iad a' ceannach agus a' còcaireachd biadh, a' nighe aodach agus aodach-leapa, a' lìomhadh nan ùrlaran, a' sgùradh thaidhlichean, a' cur thuige an teine agus a' glanadh an àite-teine.
- Bhiodh mòran dhe na searbhantan a' cadal ann an rumannan shearbhantan air an lobhta. Glè thric, bhiodh iad sin fuar agus fuaraidh anns a' gheamhradh agus bruthainneach as t-samhradh.
- Bha na searbhantan ag obair lathaichean fada. Mar bu trice, cha bhiodh aca ach aon latha dheth san t-seachdain. Agus cha robh cuid a' faighinn ach leth latha dheth!
Image caption, Bha na h-uairean fada agus an obair cruaidh ma bha thu ag obair ann an taigh ann an linn Bhictòria.
1 of 5
Flataichean ann an teanamaintean
- Bhiodh daoine na bu bhochda ann am bailtean na h-Alba a' fuireach ann an teanamaintean. Bhiodh na flataichean seo air an togail suas gu còig ùrlaran airson barrachd dhaoine fhiotadh annta.
- Bha na flataichean beag agus bha tòrr dhaoine annta. Ann an 1861, bha 64% de shluagh na h-Alba an dara cuid a' fuireach ann an aon rùm no ann an rùm agus cidsin (dà rùm).
- 'S dòcha gum biodh suas ri 15 neach a' fuireach ann an taigh aon-rùm, no 'aon-cheann'. Bhiodh iad a' cadal ann an leabaidh-bhalla seach ann an seòmar-cadail. Glè thric bhiodh barrachd air aon duine ann an leabaidh, agus bhiodh iad a' cadal ceann-ri-cas.
- Cha robh uisge tap ann. Bhiodh pìob a-muigh air an t-sràid airson uisge fhaighinn. Bha an toidhleat a-muigh cuideachd.
- Biodh salachar a' sruthadh anns na sràidean agus bha sgudal ga shadail a-mach dhan t-sràid gun duine ann airson a thogail.
- Glè thric bha an suidheachadh mì-fhallain agus le cus dhaoine, agus bha sin ag adhbharachadh thrioblaidean slàinte agus galaran.
Image caption, Ann an linn Bhictòria, thàinig na mìltean dha na bailtean a lorg obair. Ann an Glaschu, bha mòran dhaoine ag obair air Abhainn Chluaidh no mun cuairt oirre. Bhon a thàinig uiread de dhaoine dha na bailtean, b' e a' bhuil a bh' ann gun robh cus dhaoine annta.
1 of 4

More on Bhictòrianaich
Find out more by working through a topic
- count16 of 18
- count17 of 18
- count1 of 18