/** * https://gist.github.com/samthor/64b114e4a4f539915a95b91ffd340acc */ (function() { var check = document.createElement('script'); if (!('noModule' in check) && 'onbeforeload' in check) { var = false; document.addEventListener('beforeload', function(e) { if (e.target === check) { = true; } else if (!e.target.hasAttribute('nomodule') || !) { return; } e.preventDefault(); }, true); check.type = 'module'; check.src = '.'; document.head.appendChild(check); check.remove(); } }());

Rìgh Alasdair III

Part of Cuspairean SòisealtaCogaidhean na Saorsa

Bha Rìgh Alasdair III na rìgh air Alba bho 1249 gu 1285. Bhon a chaochail e gun dùil ris, bha crùn na h-Alba gun oighre. Cha robh fios aig duine dè thachradh.

Faigh a-mach mu Alasdair III na h-Alba agus mar a dh'adhbharaich a bhàs Cogaidhean Saorsa na h-Alba.

Gràbhaladh a' sealltainn cò ris a dh'fhaodadh Alasdair III a bhith air a bhith coltach.
Image caption,
Gràbhaladh a' sealltainn cò ris a dh'fhaodadh Alasdair III a bhith air a bhith coltach.

Cò bh' ann an Alasdair III?

Bha Alasdair ainmeil airson dà rud nuair a bha e na rìgh.

Sa chiad àite, bha e ainmeil airson smachd a ghabhail air na h-Eileanan an Iar. Ro linn Alasdair, bhuineadh mòran de dh'eileanan Alba do Nirribhidh.

Ann an 1263 thug cabhlach Nirribhidh ionnsaigh air Alba san Leargaidh Ghallta, ach chuir na h-Albannaich an ruaig orra.

Greis an dèidh sin, reic Rìgh Nirribhidh na h-eileanan ri Alasdair. Bha Arcaibh agus Sealtainn fhathast le Nirribhidh, ge-tà.

San dara àite, tha Alasdair ainmeil airson caochladh. B' e cùis-èiginn a bha na bhàs do dh'Alba.

Gràbhaladh a' sealltainn cò ris a dh'fhaodadh Alasdair III a bhith air a bhith coltach.
Image caption,
Gràbhaladh a' sealltainn cò ris a dh'fhaodadh Alasdair III a bhith air a bhith coltach.
A' chladach  ann an Ceann Gronn, Fìobha
Image caption,
Ann an 1286, chaidh Alasdair III a lorg marbh air a' chladach ann an Ceann Gronn, Fìobha.

Ciamar a chaochail Alasdair?

Bha triùir chloinne aig Alasdair agus a' chiad bhean, Mairead. Chaochail Mairead ann an 1275. Ro 1284, bha an triùir chloinne air caochladh.

Bha sin a' ciallachadh nach robh oighre ann a ghabhadh thairis an dèidh do dh'Alasdair caochladh. Phòs Alasdair a-rithist ann an 1285. B' e Yolande an t-ainm a bh' air a' bhean sin.

Air 18mh Màrt 1286, chaidh Alasdair air an each aige a Cheann Gronn ann am Fìobha a choinneachadh Yolande oir b' e a co-là-breith a bh' ann. B' e oidhche dhorcha, stoirmeil a bh' ann.

Cha do ràinig e riamh. An-ath-latha chaidh a lorg marbh air an tràigh agus amhach briste. Bha e air tuiteam far an eich.

Cha robh duine a-nis a' riaghladh ann an Alba. B' e an ath neach a b' fhaisge san loidhne rìoghail airson Alba a riaghladh, nighean trì bliadhna a dh'aois a bha a' fuireach ann an Nirribhidh – ogha Alasdair, Mairead, Maighdeann Nirribhidh.

A' chladach  ann an Ceann Gronn, Fìobha
Image caption,
Ann an 1286, chaidh Alasdair III a lorg marbh air a' chladach ann an Ceann Gronn, Fìobha.

Fiosrachadh mu Alasdair III

  • Rugadh Alasdair ann an Rosbrog ann an 1241
  • Cha robh e ach seachd nuair a thàinig e gu bhith na rìgh ann an 1249
  • Phòs e Mairead Shasainn ann an 1251 nuair a bha e 10
  • Chuir e fodha cabhlach à Nirribhidh san Leargaidh Ghallta ann an 1263
  • Fhuair e smachd air na h-Eileanan an Iar ann an 1266 le Cùmhnant Pheairt
  • Chaochail e ann an 1286 agus chaidh a thiodhlacadh ann an Abaid Dhùn Phàrlainn

More on Cogaidhean na Saorsa

Find out more by working through a topic