Tha cuimhne air Raibeart Brus mar ghaisgeach mòr agus mar an rìgh a choisinn saorsa do dh'Alba rè Cogaidhean na Saorsa.
Faigh a-mach mu Raibeart Brus.

Cò bh' ann an Raibeart Brus?
Bhuineadh Raibeart do theaghlach uasal Albannach aig an robh còir air rìgh-chathair na h-Alba.
An dèidh bàs Alasdair III agus Mairead, Maighdeann Nirribhidh, theab seanair Raibeirt a bhith na rìgh air Alba ann an 1292. An àite sin, b' e Iain Balliol a bha na rìgh.
Bha tòrr fearainn aig na Brusaich ann an Sasainn agus bhiodh an teaghlach uaireannan a' cur taic ri rìgh Shasainn, Eideard I.
An dèidh do Eideard I a' chùis a dhèanamh air feachd Albannach aig Blàr Dhùn Barra agus cuidhteas fhaighinn de Rìgh Iain Balliol ann an 1296, chuir Brus taic ris an ar-a-mach an aghaidh smachd Eideird.

Ciamar a thàinig Brus gu bhith na rìgh?
Ghabh e an toiseach pàirt ann an ar-a-mach a thòisich le batalan Uilleim Ualais aig Blàr Drochaid Shruighlea agus Blàr na h-Eaglaise Brice
Nuair a chaidh Uilleam Ualas am falach an dèidh dha call aig Blàr na h-Eaglaise Brice, bha Brus na Urrasair no na Fear-gleidhidh na h-Alba. Ach bha amasan nas motha aige; bha e airson a bhith na rìgh.
Ann an 1306, choinnich e ris a' phrìomh fharpaisiche aige airson crùn na h-Alba, Iain Cuimean, aig Manachainn nam Manach Liath ann an Dùn Phris airson bruidhinn air cò an ath rìgh bu chòir a bhith ann agus air sabaid air ais an aghaidh Eideard I.
Thòisich sabaid agus chaidh Cuimean a mharbhadh. Thug an eaglais taic do Bhrus agus nas fhaide den bhliadhna sin chaidh a chrùnadh mar Rìgh na h-Alba.
Fiosrachadh mu Bhrus
- Rugadh Raibeart ann an 1274 - 's iongantach mura b' ann ann an Siorrachd Àir
- Anns a' Ghearran 1306 shàth e a cho-fharpaiseach, Iain Cuimean, ann am Manachainn nam Manach Liath, Dùn Phris
- Anns a' Mhàrt 1306 chaidh Raibeart Brus a chrùnadh mar Rìgh na h-Alba
- Anns an Ògmhios 1314 fhuair e a' bhuaidh bu mhotha a bh' aige, aig Blàr Allt a' Bhonnaich
- Chaochail e ann an 1329
- Tha a chorp air a thiodhlaiceadh ann an Abaid Dhùin Phàrlain ach tha a chridhe air a thiodhlaiceadh ann an Abaid Maoil Rois

Ciamar a shaor Brus Alba?
Cha deach gu math le Brus an toiseach. Chaill e aig Blàr Mheithinnidh ann an 1306. Bha a bhean, a nighean agus a pheathraichean nam prìosanaich aig Sasainn, agus mharbh iad a bhràithrean.
Chaidh Brus am falach, ach thill e agus thòisich e a' toirt ionnsaighean air caistealan a bha fo smachd feachdan Sasannach ann an Alba.
Mu dheireadh, mhèarrs Rìgh Eideard II - mac Eideird I - feachd gu tuath airson Brus a lorg agus buaidh fhaighinn air.
Aig Blàr Allt a' Bhonnaich ann an 1314, chuir Brus armailt Eideird fodha. Ann an 1329 shoidhnig Alba agus Sasainn aonta sìthe. Bha Cogaidhean na Saorsa seachad!

More on Cogaidhean na Saorsa
Find out more by working through a topic
- count6 of 11
- count7 of 11
- count8 of 11
- count9 of 11