/** * https://gist.github.com/samthor/64b114e4a4f539915a95b91ffd340acc */ (function() { var check = document.createElement('script'); if (!('noModule' in check) && 'onbeforeload' in check) { var = false; document.addEventListener('beforeload', function(e) { if (e.target === check) { = true; } else if (!e.target.hasAttribute('nomodule') || !) { return; } e.preventDefault(); }, true); check.type = 'module'; check.src = '.'; document.head.appendChild(check); check.remove(); } }());

Uilleam Ualas

Part of Cuspairean SòisealtaCogaidhean na Saorsa

B' e ridire Albannach a bh' anns an Ridire Uilleam Ualas. Bha e na cheannard cudromach rè Cogaidhean Saorsa na h-Alba.

Faigh a-mach mu Albannach cho ainmeil 's a bh' ann an eachdraidh: Uilleam Ualas.

Gràbhaladh bhon 19mh linn a' sealltainn Uilleam Ualas
Image caption,
Gràbhaladh bhon 19mh linn a' sealltainn cò ris a dh'fhaodadh Uilleam Ualas a bhith air a bhith coltach.

Cò bh' ann an Uilleam Ualas?

Ann an 1296 ghèill Iain Balliol do Eideard I Shasainn. Cha robh Iain a-nis na rìgh. Ghabh Eideard smachd air Alba agus thug e air 2,000 uaisle Albannach gealltainn gum biodh iad dìleas ris. Dhiùlt cuid de dh'Albannaich gabhail ri Eideard mar rìgh agus thòisich iad a' sabaid air ais.

B' e fear dhiubh sin Uilleam Ualas.

Chan eil fios againn air mòran mun chiad chuid dhe bheatha, ach ann an 1297, tha e air aithris gun do mharbh Ualas William de Heselrig, Àrd-shiorraidh Shasainn ann an Lannraig.

An àite a dhol am falach, lean Ualas air leis a' cheannairc. Thug e ionnsaigh air àitichean eile ann an Alba a bha fo smachd Eideird.

Gràbhaladh bhon 19mh linn a' sealltainn Uilleam Ualas
Image caption,
Gràbhaladh bhon 19mh linn a' sealltainn cò ris a dh'fhaodadh Uilleam Ualas a bhith air a bhith coltach.

Ciamar a shabaid Ualas air ais?

Tha Ualas ainmeil airson dà bhlàr. Sa chiad fhear, chuir Ualas agus an comanndair, Anndra Moireach, fodha feachd mòr Sasannach aig Blàr Drochaid Shruighlea ann an 1297.

An dèidh sin, b' e Fear-gleidhidh na h-Alba no Urrasair na h-Alba – fear a dhìonadh an dùthaich a bh' ann an Ualas.

Cha deach leis cho math san ath bhlàr. Aig Blàr na h-Eaglaise Brice ann an 1298, chaill Ualas nuair a ghabh Eideard I fèin smachd air a' bhlàr.

Fiosrachadh air Ualas

  • Rugadh Ualas timcheall air 1270
  • Dh'fhaodadh gun do rugadh e ann an Elderslie faisg air Pàislig no ann an Ellerslie ann an Siorrachd Àir
  • Chaidh a chur gu bàs ann an Lunnainn ann an 1305. Chaidh a chrochadh, a tharraing às a chèile agus a chorp a ghearradh ann an ceithir pìosan
  • An dèidh dha bàsachadh, chaidh a cheann a bhogadh ann an teàrr agus a chur air spìc air Drochaid Lunnainn
  • Chaidh ceithir bhuill a bhodhaig a chur gu Bearaig, dhan Chaisteal Nuadh, a Shruighlea agus a Pheairt
  • Dh'fhaodadh gur ann às A' Chuimrigh a bha a shinnsirean oir b' e 'Wallace' am facal airson Cuimreach ann an Seann Bheurla
Carragh-cuimhne Ualas, Sruighlea
Image caption,
Thogadh Carragh-cuimhne Ualas sna 1860an gus gaisge Uilleim Ualais a chomharrahchadh.

Dè thachair do dh'Uilleam Ualas?

An dèidh a' bhlàir, leig Ualas dheth a dhreuch mar Fhear-gleidhidh, no Urrasair, agus theich e.

Seachd bliadhna an dèidh sin, chaidh Ualas a ghlacadh faisg air Glaschu. Chaidh a chur a Lunnainn far an deach fheuchainn airson brathadh (a bhith eas-umhail do Rìgh Shasainn). Chaidh a chrochadh agus a tharraing às a chèile ann an 1305.

Tha cuimhne air Ualas chun an latha an-diugh mar fhear a sheas airson na bha e a' creidsinn.

Carragh-cuimhne Ualas, Sruighlea
Image caption,
Thogadh Carragh-cuimhne Ualas sna 1860an gus gaisge Uilleim Ualais a chomharrahchadh.

More on Cogaidhean na Saorsa

Find out more by working through a topic