"It's nearly time for your quest to begin."
'S e sin na faclan àraid a nochd às an adhar fhad 's a bha BBC Naidheachdan a' suidhe sìos le Ruari Davidson bho Chomann na Camanachd is an seusan ùr a' teannadh dlùth.
Faclan àraid - ach gu math iomchaidh is Mgr Davidson ùr ann an obair an àrd-oifigeir.
Bidh e fhèin an dòchas nach bi an ath rud a thàinig bhon ghuth chlàraichte aig Ionad Loch Nis buileach cho iomchaidh a thaobh na h-obrach: "Please come forward to the fireplace".
Cha robh aige ri dèiligeadh ri cus teas gu seo co-dhiù bho chaidh ainmeachadh mar àrd-oifigear as t-samhradh an-uiridh.
Ghabh e àite Derek Kier, a dh'fhàg às dèidh seachd bliadhna os cionn Chomann na Camanachd.
Tha Mgr Davidson air a bhith ag obair ann an leasachadh spòrs fad còrr is 20 bliadhna, grunnan dhuibh aig sportscotland.
Ged a bha ceanglaichean aige ri iomain roimhe is a mhac a' cluich aig ìre bun-sgoile, tha e air na mìosan mu dheireadh a chur seachad a' cur eòlas air coimhearsnachd na camanachd.
Tha cho làidir 's a tha a' choimhearsnachd sin agus dualchas na spòrs am measg nan rudan as cudromaiche ann an iomain, tha e ag ràdh, chun na h-ìre is gun robh iad na tharraing dha an obair a ghabhail.
Tha e a-nise airson guth nas treasa a thoirt dhan choimhearsnachd.
"Tha cothrom aig Comann na Camanachd ceanglaichean nas fheàrr a stèidheachadh leis na clubaichean," thuirt e.
"Feumaidh tuigse a bhith againn air dè tha a' tachairt anns na coimhearsnachdan aca agus comhairle a ghabhail bhuapa air dè an taic as urrainn dhuinn toirt seachad - oir 's e cnag na cùise gu bheil sinn ann dhaibh.
"Feumaidh sinn èisteachd riutha is obrachadh còmhla riutha."
Bidh drugaichean is dùbhlain shòisealta eile mar phàirt den chòmhradh sin.
Tha trì bliadhna ann bho thuirt manaidsear leasachaidh Chomann na Camanachd gu bheil trioblaidean le drugaichean san spòrs.
Bha Raghnall Ros a' bruidhinn is an Comann a' coimhead ri tòiseachadh air cluicheadairean a chur fo dheuchainnean airson drugaichean.
Nochd an uairsin ceistean mu chosgaisean is aithrisean a' ceasnachadh an robh dad idir air tachairt.
Dh'aidich Mgr Davidson nach deach aon deuchainn a dhèanamh a-riamh am measg chlubaichean.
Tha e ag ràdh gu bheil tuigse nas fheàrr aig Comann na Camanachd a-nise is gur e foghlam seach deuchainnean prìomh amas na buidhne.
"Tha spòrs a tha saor bho dhrugaichean cho cudromach 's a ghabhas dhuinn is tha sinn air a bhith ag obair còmhla ri sportscotland is UK Anti-Doping gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' cumail ris na riaghailtean aca.
"Fhuair sinn stiùir bhuapa cuideachd air dè tha freagarrach ann an spòrs amaitearach agus 's e foghlam a mhol iad.
"Mar sin, seach deuchainnean bidh am fòcas againn air foghlam is taic.
"Bidh iomairtean foghlaim againn air an t-seusan seo ag amas air cluicheadairean ach cuideachd pàrantan is coidsichean, is gun tuig a' choimhearsnachd gu lèir na cunnartan a th' ann is an t-uallach a th' orra dèanamh cinnteach gu bheil an spòrs glan."
Tha e cuideachd ag amas air taic nas fharsainge dhan choimhearsnachd le gnothaichean mar shlàinte-inntinn.
Tha an Comann airson obrachadh le cluicheadairean is coidsichean gus coimhead air dòighean gus taic a thoirt dhaibh.
Aig freumhan a' gheama tha Mgr Davison ag ràdh gum bi fòcas aige air leasachadh a thoirt air ìrean òigridh agus air iomain nam ban.
Tha e a' gealltainn co-obrachadh ri Comann Camanachd nam Ban is planaichean leasachaidh a th' acasan.
Tha sùil aige cuideachd air barrachd dhaoine a thàladh chun na spòrs aig a h-uile ìre.
Thog e air Obar Dobhair , Uddingston is Sruighlea far a bheil clubaichean air nochdadh anns na bliadhnaichean mu dheireadh.
Tha e ag ràdh gum feumar ùine a chur seachad còmhla riutha is tuigse fhaighinn air mar a dh'fhàs iad ann an sgìrean far nach robh dualchas làidir iomain, is leasanan sam bith a thig às a chur an sàs ann an àitichean eile.
Feumar ionnsachadh cuideachd, thuirt e, bho na clubaichean anns na sgìrean traidiseanta is an t-eòlas a th' acasan a sgaoileadh fad is farsaing.
A thuilleadh air eòlas ge-tà, tha cuideachd duilgheadasan sònraichte aig gu leòr de na clubaichean sin.
Tha feadhainn aig deas gu h-àraidh a' fulang bho ghainnead de dhaoine òga le mòran a' coireachadh staing an taigheadais.
Tha ceistean bunaiteach an sin do dhaoine aig ìre gu math nas àirde na Comann na Camanachd, ach tha Mgr Davidson den bheachd gun urrainn dhan bhuidhinn-riaghlaidh cuideachadh.
Fiù 's anns na sgìrean traidiseanta tha e a' faicinn cothrom daoine nach eil an-dràsta an sàs ann an iomain a thoirt a-steach.
"Tha sinn mothachail mu na dùbhlain ach tha mi a' smaointinn gu bheil àite ann dhuinn cuideachadh le clubaichean a leasachadh is a neartachadh agus barrachd dhaoine a thàladh thuca anns na sgìrean traidiseanta."
San ùine ghoirid aige san obair tha e cuideachd air eòlas a chur air ceist eile a tha air bualadh air iomain tric thar nam bliadhnaichean: gainnead rèitirean.
Tha oidhirp a' leantainn barrachd oifigearan a lorg is a thrèanadh is dòchas aige - mar a bha aig cuid roimhe - air seann chluicheadairean a bhrosnachadh gus am feansa a leum is caman a shuapadh airson fìdeig.
"Tha gu leòr rèitirean againn airson nan geamaichean a th' ann ach chuireadh sinn fàilte air barrachd. Mar as motha a gheibh sinn, 's ann as fheàrr."
Tha Mgr Davidson a' tighinn a-steach aig àm chudromach cuideachd le obair-leasachaidh aig Pàirc a' Bhucht - "dachaigh na h-iomain" do mhòran - a' tighinn gu buil.
Tha an seann stand air ùrachadh fhaighinn is cuideachd togalach ùr ri thaobh le àite-taisbeanaidh.
Tillidh cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais san Ògmhios is an uairsin cuairt dheireannach Chupa na Camanachd fhèin san t-Sultain.
Bidh cuideachd na geamaichean eadar-nàiseanta aig a' Bhucht am-bliadhna is an ath-bhliadhna.
Tha Mgr Davidson ag ràdh "gu bheil ùidh ann às ùr" an dà chuid ann an Alba is Èirinn is gu bheil e airson is gun tèid geamaichean nam fear is nam ban air adhart còmhla.
Dòchas is dùbhlain ma-tha, is a' chiad seusan leis an àrd-oifigear aig an stiùir cha mhòr oirnn.
Tha an quest aige gus tòiseachadh.
https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/sgeulachdan/c0k5l4krz13o